Bidh sinn a’ brosnachadh ar teachdaichean agus com-pàirtichean gu lèir fios air ais a thoirt seachad mun eòlas aca le toraidhean is seirbheisean R&L. Bithear a’ toirt aire dha-rìribh do dhraghan sam bith a tha agad agus gan làimhseachadh mar phrìomhachas, agus cumaidh sinn fios riut fhad ‘s a tha sinn ag obair a dh’ ionnsaigh fuasgladh iomchaidh. Bu chòir a h-uile gearan a dhèanamh taobh a-staigh 30 latha bho fhuair thu an toradh sin, no 30 latha bhon cheann-latha a thàinig a’ chùis leis na seirbheisean againn gu d’ aire. Feuch an lìon thu am foirm gu h-ìosal le uiread de dh’ fhiosrachadh ’s a ghabhas gus an urrainn dhuinn sgrùdadh a dhèanamh air a’ chùis. Faodaidh do bheachdan air ais ar cuideachadh le leasachadh.